Crónicas Matinais

[ segunda-feira, julho 21, 2003 ]

 

Fhir tha 'd sheasamh air mo lic
Bha mise mar tha thu 'n dra\sd;
'S i mo leaba 'n diugh an uaigh,
Cha-n 'eil smior no smuais am chna\imh;
Ged tha thusa la\idir o\g
Cha mha\ir thu beo\, ged fhuair thu da\il;
Gabh mo chomhairle 's bi glic,
Cuimhnich tric gun tig am ba\s.



Caochladh beatha th' ann 's cha bha\s,
Le beannachadh gra\smhor buan;
Gach neach a ni\ a' chuid as fhea\rr,
'S math an t-a\it am faigh e dhuais;
Cha bhi 'n t-anam ann an ca\s,
Ged tha 'n corp a' ta\mh 'san uaigh
Gus an latha 'n tig am bra\th
'S an e/irich sliochd Adhaimh suas.



Cha-n 'eil bean no duine beo\
No la\nain pho\sda nach dealaich;
Bha iad li\onmhor, sean is o\g,
Ar luchd-eo\lais nach 'eil maireann;
Cha b' e sin an t-adhbhar bro\in
Bhith 'gan cur fo 'n fho\id am falach,
Nam biodh am ba\s 'na bha\s glan
Cha bu cha\s talamh air thalamh.



Ghabh mi nis mo chead de 'n t-saoghal
'S de na daoine dh' fhuirich ann;
Fhuair mi greis gu sunndach aotrom;
'S i 'n aois a rinn m' fha\gail fann;
Tha mo tha\lantan air caochladh,
'S an t-aog air tighinn 'san am;
'S e m' athchuinge, air sga\th m' Fhear-saoraidh,
Bhith gu math 'san t-saoghal thall.


[ Duncan Ban

Ana [7/21/2003 02:34:00 da tarde]